Scottish Gaelic Translation
Seo an duilleag mun eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig.
Contents
Overview
Chaidh an t-eadar-theangachadh a thòiseachadh san t-Sultain 2012. Tha sinn ag obair air an tionndadh 1.10 an-dràsta.
Àrainnean teacsa / Textdomains
Briathrachas bunasach is eadar-aghaidh / Basic Terms and Interface
Àrainn theacsa | Tuairisgeul | Stiùiriche | Eadar-theangaichean | Staid | Beachdan |
---|---|---|---|---|---|
wesnoth | Prìomh fhaidhle | GunChleoc | GunChleoc | Cha mhòr deiseil | A dhìth: Joystick, cuid a dh’ainmean, Gliocas an latha, stuth rianaire ioma-chluicheadair, “dependencies” |
wesnoth-editor | An deasaiche | -- | -- | 0% | Prìomhachas ìseal |
wesnoth-help | Cobhair | -- | -- | tiotalan deiseil | Prìomhachas àrd |
wesnoth-lib | Faclan cumanta a’ gheama is an deasaiche | GunChleoc | GunChleoc | Ag obair air | Prìomhachas àrd |
wesnoth-manpages | -- | -- | -- | 0% | Prìomhachas ìseal |
wesnoth-manual | -- | -- | -- | 0% | Prìomhachas meadhanach |
wesnoth-multiplayer | Geamannan ioma-chluicheadair | -- | -- | 0% | Prìomhachas meadhanach |
wesnoth-test | Deuchainn | GunChleoc | GunChleoc | 100% | foobar |
wesnoth-units | Na prìomh aonadan | Gunchleoc | GunChleoc | Tuairisgeulan a dhìth | Prìomhachas àrd |
Iomairtean / Campaigns
Àrainn theacsa | Ainm Beurla | Ainm Gàidhlig | Stiùiriche | Eadar-theangaichean | Staid | Beachdan |
---|---|---|---|---|---|---|
wesnoth-anl | A New Land | Talamh ùr | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-aoi | An Orcish Incursion | Foghail nan Deamhan | -- | -- | 0% | Prìomhachas àrd, iomradh ann an wesnoth-tutorial |
wesnoth-did | Descent into Darkness | Tèarnadh dhan dorchadas | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-dm | Delfador’s Memoirs | Tràchdas Dheilfeadair | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-dw | Dead Water | Uisge marbh | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-ei | The Eastern Invasion | An ionnsaigh earach | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-httt | Heir to the Throne | Oighre na cathrach | -- | -- | 0% | Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial |
wesnoth-l | Liberty | Saorsa | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-low | Legend of Wesmere | Sgeulachd Loch Bheasa | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-nr | Northern Rebirth | Ùr-bhreith tuathach | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-sof | The Sceptre of Fire | Slat an teine | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-sotbe | Son of the Black-Eye | Mac na Sùla-duibhe | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-tb | A Tale of Two Brothers | Sgeulachd Dà Bhrathar | -- | -- | 0% | Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial |
wesnoth-thot | The Hammer of Thursagan | Òrd Thursagain | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-trow | The Rise of Wesnoth | Èirigh Bheasnoid | -- | -- | 0% | -- |
wesnoth-tsg | The South Guard | An Geàrd deasach | -- | -- | 0% | Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial |
wesnoth-tutorial | Tutorial | Oideachadh | GunChleoc | GunChleoc | 100% | -- |
wesnoth-utbs | Under the Burning Suns | Fo na grianan teinnteach | -- | -- | 0% | -- |
Ag obair air eadar-theangachadh / Working on a translation
Ma tha cuideigin ag obair air an iomairt a thagh thu mu thràth, tha e suas ruibh fhèin ciamar a cho-òrdanaicheas sibh e. Tha e riatanach gun cleachd thu am briathrachan is gheibh thu lethbhreac bhon neach cumail mar a thèid mìneachadh shìos. Nuair a bhios sibh deiseil leis no deiseal airson pàirt dheth fhoillseachadh, cleachdaibh dearbhair litreachaidh mus cuir sibh am faidhle dhan neach cumail. Bheir an neach cumail sùil air an fhaidhle mus tèid e ais ais dhan cho-òrdanaiche aig Wesnoth.
Ma nochdas duilgheadas sam bith, bruidhnibh ri GunChleoc.
Briathrachan / Glossary
Tha sinn a' cumail faidhle Excel leis na faclan cumanta. Bruidhinn ri GunChleoc ach am faigh thu lethbhreac. Mus tòisich thu air an obair, dèan lethbhreac dheth is ath-ainmich e a rèir na h-iomairte air a bheil thu ag obair (an àrainn theacsa), mar eisimpleir, wesnoth-httt ma tha thu ag obair air an iomairt “Heir to the Throne.” Cleachd dath gus faclan ùra a chuireas tu ris a chomharrachadh. Feumaidh tu a h-uile aonad (Unit), arm (weapon), feart (trait) no comas (ability) ùr a chur ris an fhaidhle. Nuair a bhios tu deiseil le cruthachadh a’ bhriathrachais, cuir am faidhle gu GunChleoc.
Nuair a chruthaicheas tu faclan ùra (airm, feartan, aonadan amsaa.), thoirt sùil air a’ bhriathrachan ach nach bi an aon fhacal airson dà rud againn. Feuch an cleachd thu Am Faclair Beag. On a tha suidheachaadh meadhan-aoiseach aig a’ gheama, faodaidh tu faclan à Dwelly no à seann fhaclair sam bith eile a chleachdadh sna còmhraidhean cuideachd ma tha thu an dùil gun tuigear iad fhathast.
Ma tha duilgheadas agad facal iomchaidh a lorg, bruidhinn ri càch. Na atharraich facal a tha sa bhriathrachan mu thràth, feumaidh tu bruidhinn ri GunChleoc an toiseach ach am faigh sinn fuasgladh.
Iomradh dha dh'iomairtean / References to campaigns
Ma thachras tu air iomradh dha dh'iomairt ann an eadar-theangachadh, feumaidh sinn nòta a chur ris an liosta shuas. Na eadar-theangaich ainmean air iomairtean mura h-eil na h-iomairtean sin fèin air an eadar-theangachadh.
Mura h-eil thu nad eadar-theangaiche / If you're not a translator
Faodaidh thu fhathast cuideachadh a thoirt dhuinn mura h-eil ùidh no ùine agad gus iomairt eadar-theangachadh. Innis dhuinn ma tha beachd agad mu fhacal no ma lorgas tu mearachd.
An sgioba / Current Translation Team
Gu ruige seo, chan e ach GunChleoc a th’ ann. Ghabh ise na faclan cumanta os làimh. Mar sin, tha sinn a’ sireadh daoine a bhios deònach air iomairt eadar-theangachadh. Ma tha thu airson taic a toirt dhuinn, tagh iomairt a tha thu airson eadar-theangachadh is cuir fios thuice. An uair sin, cuiridh sinn air an liosta thu is mura h-eil cuideigin ag obair air an iomairt seo mu thràth bidh thu fhèin nad stiùiriche eadar-theangachaidh airson na h-iomairte seo.
Neach cumail / Maintainer
- GunChleoc [1]
Stiùirichean is eadar-theangaichean / Managers and translators
Faic liosta nan àrainnean teacsa shuas.
Ceanglaichean Feumail / Useful links
Wesnoth
- Na faidhlichean cànain
- Na h-aonadan sa Bheurla
- Characters' stories
- Translations Howto
- Translators' Guide
- Image Localization
- Gettext For Translators
- Eadar-theangaidhean eile
- Translations & Internationalization air a’ bhòrd-bhrath