Scottish Gaelic Translation

From The Battle for Wesnoth Wiki
Revision as of 12:14, 2 October 2012 by GunChleoc (talk | contribs) (New links + name formatting)


Seo an duilleag mun eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig.

Overview

Chaidh an t-eadar-theangachadh a thòiseachadh san t-Sultain 2012. Tha sinn ag obair air an tionndadh 1.10 an-dràsta.

Àrainnean teacsa / Textdomains

Briathrachas bunasach is eadar-aghaidh / Basic Terms and Interface

Àrainn theacsa Tuairisgeul Stiùiriche Eadar-theangaichean Staid Beachdan
wesnoth Prìomh fhaidhle GunChleoc GunChleoc Cha mhòr deiseil A dhìth: Joystick, cuid a dh’ainmean, Gliocas an latha, stuth rianaire ioma-chluicheadair, “dependencies”
wesnoth-editor An deasaiche -- -- 0% Prìomhachas ìseal
wesnoth-help Cobhair -- -- 0% Prìomhachas àrd
wesnoth-lib Faclan cumanta a’ gheama is an deasaiche GunChleoc GunChleoc Ag obair air Prìomhachas àrd
wesnoth-manpages -- -- -- 0% Prìomhachas ìseal
wesnoth-manual -- -- -- 0% Prìomhachas meadhanach
wesnoth-multiplayer Geamannan ioma-chluicheadair -- -- 0% Prìomhachas meadhanach
wesnoth-test Deuchainn GunChleoc GunChleoc 100% foobar
wesnoth-units Na prìomh aonadan Gunchleoc GunChleoc Tuairisgeulan a dhìth Prìomhachas àrd

Iomairtean / Campaigns

Àrainn theacsa Ainm Beurla Ainm Gàidhlig Stiùiriche Eadar-theangaichean Staid Beachdan
wesnoth-anl A New Land Talamh ùr -- -- 0% --
wesnoth-aoi An Orcish Incursion Foghail nan Deamhan -- -- 0% Prìomhachas àrd, iomradh ann an wesnoth-tutorial
wesnoth-did Descent into Darkness Tèarnadh dhan dorchadas -- -- 0% --
wesnoth-dm Delfador’s Memoirs Tràchdas Dheilfeadair -- -- 0% --
wesnoth-dw Dead Water Uisge marbh -- -- 0% --
wesnoth-ei The Eastern Invasion An ionnsaigh earach -- -- 0% --
wesnoth-httt Heir to the Throne Oighre na cathrach -- -- 0% Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial
wesnoth-l Liberty Saorsa -- -- 0% --
wesnoth-low Legend of Wesmere Sgeulachd Loch Bheasa -- -- 0% --
wesnoth-nr Northern Rebirth Ùr-bhreith tuathach -- -- 0% --
wesnoth-sof The Sceptre of Fire Slat an teine -- -- 0% --
wesnoth-sotbe Son of the Black-Eye Mac na Sùla-duibhe -- -- 0% --
wesnoth-tb A Tale of Two Brothers Sgeulachd Dà Bhrathar -- -- 0% Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial
wesnoth-thot The Hammer of Thursagan Òrd Thursagain -- -- 0% --
wesnoth-trow The Rise of Wesnoth Èirigh Bheasnoid -- -- 0% --
wesnoth-tsg The South Guard An Geàrd deasach -- -- 0% Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial
wesnoth-tutorial Tutorial Oideachadh GunChleoc GunChleoc 100% --
wesnoth-utbs Under the Burning Suns Fo na grianan teinnteach -- -- 0% --

Ag obair air eadar-theangachadh / Working on a translation

Ma tha cuideigin ag obair air an iomairt a thagh thu mu thràth, tha e suas ruibh fhèin ciamar a cho-òrdanaicheas sibh e. Tha e riatanach gun cleachd thu am briathrachan is gheibh thu lethbhreac bhon neach cumail mar a thèid mìneachadh shìos. Nuair a bhios sibh deiseil leis no deiseal airson pàirt dheth fhoillseachadh, cleachdaibh dearbhair litreachaidh mus cuir sibh am faidhle dhan neach cumail. Bheir an neach cumail sùil air an fhaidhle mus tèid e ais ais dhan cho-òrdanaiche aig Wesnoth.

Ma nochdas duilgheadas sam bith, bruidhnibh ri GunChleoc.

Briathrachan / Glossary

Tha sinn a' cumail faidhle Excel leis na faclan cumanta. Bruidhinn ri GunChleoc ach am faigh thu lethbhreac. Mus tòisich thu air an obair, dèan lethbhreac dheth is ath-ainmich e a rèir na h-iomairte air a bheil thu ag obair (an àrainn theacsa), mar eisimpleir, wesnoth-httt ma tha thu ag obair air an iomairt “Heir to the Throne.” Cleachd dath gus faclan ùra a chuireas tu ris a chomharrachadh. Feumaidh tu a h-uile aonad (Unit), arm (weapon), feart (trait) no comas (ability) ùr a chur ris an fhaidhle. Nuair a bhios tu deiseil le cruthachadh a’ bhriathrachais, cuir am faidhle gu GunChleoc.

Nuair a chruthaicheas tu faclan ùra (airm, feartan, aonadan amsaa.), thoirt sùil air a’ bhriathrachan ach nach bi an aon fhacal airson dà rud againn. Feuch an cleachd thu Am Faclair Beag. On a tha suidheachaadh meadhan-aoiseach aig a’ gheama, faodaidh tu faclan à Dwelly no à seann fhaclair sam bith eile a chleachdadh sna còmhraidhean cuideachd ma tha thu an dùil gun tuigear iad fhathast.

Ma tha duilgheadas agad facal iomchaidh a lorg, bruidhinn ri càch. Na atharraich facal a tha sa bhriathrachan mu thràth, feumaidh tu bruidhinn ri GunChleoc an toiseach ach am faigh sinn fuasgladh.

Iomradh dha dh'iomairtean / References to campaigns

Ma thachras tu air iomradh dha dh'iomairt ann an eadar-theangachadh, feumaidh sinn nòta a chur ris an liosta shuas. Na eadar-theangaich ainmean air iomairtean mura h-eil na h-iomairtean sin fèin air an eadar-theangachadh.

Mura h-eil thu nad eadar-theangaiche / If you're not a translator

Faodaidh thu fhathast cuideachadh a thoirt dhuinn mura h-eil ùidh no ùine agad gus iomairt eadar-theangachadh. Innis dhuinn ma tha beachd agad mu fhacal no ma lorgas tu mearachd.

An sgioba / Current Translation Team

Gu ruige seo, chan e ach GunChleoc a th’ ann. Ghabh ise na faclan cumanta os làimh. Mar sin, tha sinn a’ sireadh daoine a bhios deònach air iomairt eadar-theangachadh. Ma tha thu airson taic a toirt dhuinn, tagh iomairt a tha thu airson eadar-theangachadh is cuir fios thuice. An uair sin, cuiridh sinn air an liosta thu is mura h-eil cuideigin ag obair air an iomairt seo mu thràth bidh thu fhèin nad stiùiriche eadar-theangachaidh airson na h-iomairte seo.

Neach cumail / Maintainer

  • GunChleoc

Stiùirichean is eadar-theangaichean / Managers and translators

Faic liosta nan àrainnean teacsa shuas.

Ceanglaichean Feumail / Useful links