Difference between revisions of "Scottish Gaelic Translation"

From The Battle for Wesnoth Wiki
(AOI done)
m (formatting)
Line 15: Line 15:
 
! Àrainn theacsa !! Tuairisgeul !! Stiùiriche !! Eadar-theangaichean !! Adhartas !! Beachdan
 
! Àrainn theacsa !! Tuairisgeul !! Stiùiriche !! Eadar-theangaichean !! Adhartas !! Beachdan
 
|-
 
|-
| wesnoth || Prìomh fhaidhle || GunChleoc || GunChleoc || 100% ||
+
| wesnoth || Prìomh fhaidhle || GunChleoc || GunChleoc || 100% ||
 
|-
 
|-
 
| wesnoth-editor || An deasaiche || — || — || 0% || Prìomhachas ìseal
 
| wesnoth-editor || An deasaiche || — || — || 0% || Prìomhachas ìseal
Line 21: Line 21:
 
| wesnoth-help || Cobhair || GunChleoc || GunChleoc || 60.31% || Prìomhachas àrd, tiotalan deiseil
 
| wesnoth-help || Cobhair || GunChleoc || GunChleoc || 60.31% || Prìomhachas àrd, tiotalan deiseil
 
|-
 
|-
| wesnoth-lib || Faclan cumanta a’ gheama is an deasaiche || GunChleoc || GunChleoc || 100.00% ||
+
| wesnoth-lib || Faclan cumanta a’ gheama is an deasaiche || GunChleoc || GunChleoc || 100.00% ||
 
|-
 
|-
 
| wesnoth-manpages || — || — || — || 0% || Prìomhachas ìseal
 
| wesnoth-manpages || — || — || — || 0% || Prìomhachas ìseal
Line 29: Line 29:
 
| wesnoth-multiplayer || Geamannan ioma-chluicheadair || — || — || 0% || Prìomhachas meadhanach
 
| wesnoth-multiplayer || Geamannan ioma-chluicheadair || — || — || 0% || Prìomhachas meadhanach
 
|-
 
|-
| wesnoth-test || Deuchainn || GunChleoc || GunChleoc || 100% ||
+
| wesnoth-test || Deuchainn || GunChleoc || GunChleoc || 100% ||
 
|-
 
|-
 
| wesnoth-units || Na prìomh aonadan || Gunchleoc || GunChleoc || 63.24% || Prìomhachas àrd, Tuairisgeulan a dhìth
 
| wesnoth-units || Na prìomh aonadan || Gunchleoc || GunChleoc || 63.24% || Prìomhachas àrd, Tuairisgeulan a dhìth

Revision as of 16:30, 8 November 2012


Seo an duilleag mun eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig.

Overview

Chaidh an t-eadar-theangachadh a thòiseachadh san t-Sultain 2012. Tha sinn ag obair air an tionndadh 1.10 an-dràsta.

Àrainnean teacsa / Textdomains

Briathrachas bunasach is eadar-aghaidh / Basic Terms and Interface

Àrainn theacsa Tuairisgeul Stiùiriche Eadar-theangaichean Adhartas Beachdan
wesnoth Prìomh fhaidhle GunChleoc GunChleoc 100%
wesnoth-editor An deasaiche 0% Prìomhachas ìseal
wesnoth-help Cobhair GunChleoc GunChleoc 60.31% Prìomhachas àrd, tiotalan deiseil
wesnoth-lib Faclan cumanta a’ gheama is an deasaiche GunChleoc GunChleoc 100.00%
wesnoth-manpages 0% Prìomhachas ìseal
wesnoth-manual 0% Prìomhachas meadhanach
wesnoth-multiplayer Geamannan ioma-chluicheadair 0% Prìomhachas meadhanach
wesnoth-test Deuchainn GunChleoc GunChleoc 100%
wesnoth-units Na prìomh aonadan Gunchleoc GunChleoc 63.24% Prìomhachas àrd, Tuairisgeulan a dhìth

Iomairtean / Campaigns

Àrainn theacsa Ainm Beurla Ainm Gàidhlig Stiùiriche Eadar-theangaichean Adhartas Beachdan
wesnoth-anl A New Land Talamh ùr 0%
wesnoth-aoi An Orcish Incursion Foghail nan deamhan GunChleoc GunChleoc 100%
wesnoth-did Descent into Darkness Tèarnadh dhan dorchadas 0%
wesnoth-dm Delfador’s Memoirs Tràchdas Dheilfeadair 0%
wesnoth-dw Dead Water Uisge marbh 0%
wesnoth-ei The Eastern Invasion An ionnsaigh earach 0%
wesnoth-httt Heir to the Throne Oighre na cathrach 0% Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial
wesnoth-l Liberty Saorsa 0%
wesnoth-low Legend of Wesmere Sgeulachd Loch Bheasa 0%
wesnoth-nr Northern Rebirth Ùr-bhreith tuathach 0%
wesnoth-sof The Sceptre of Fire Slat an teine 0%
wesnoth-sotbe Son of the Black-Eye Mac na Sùla-duibhe 0%
wesnoth-tb A Tale of Two Brothers Sgeulachd dà bhrathar 0% Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial
wesnoth-thot The Hammer of Thursagan Òrd Thursagain 0%
wesnoth-trow The Rise of Wesnoth Èirigh Bheasnaid 0%
wesnoth-tsg The South Guard An geàrd deasach GunChleoc GunChleoc 0% Prìomhachas as àirde, iomradh ann an wesnoth-tutorial
wesnoth-tutorial Tutorial Oideachadh GunChleoc GunChleoc 100%
wesnoth-utbs Under the Burning Suns Fo na grianan teinnteach 0%

Ag obair air eadar-theangachadh / Working on a translation

Ma tha cuideigin ag obair air an iomairt a thagh thu mu thràth, tha e suas ruibh fhèin ciamar a cho-òrdanaicheas sibh e. Tha e riatanach gun cleachd thu am briathrachan is gheibh thu lethbhreac bhon neach cumail mar a thèid mìneachadh shìos. Nuair a bhios sibh deiseil leis no deiseal airson pàirt dheth fhoillseachadh, cleachdaibh dearbhair litreachaidh mus cuir sibh am faidhle dhan neach cumail. Bheir an neach cumail sùil air an fhaidhle mus tèid e ais ais dhan cho-òrdanaiche aig Wesnoth.

Ma nochdas duilgheadas sam bith, bruidhnibh ri GunChleoc.

Briathrachan / Glossary

Tha sinn a' cumail faidhle Excel leis na faclan cumanta. Bruidhinn ri GunChleoc ach am faigh thu lethbhreac. Mus tòisich thu air an obair, dèan lethbhreac dheth is ath-ainmich e a rèir na h-iomairte air a bheil thu ag obair (an àrainn theacsa), mar eisimpleir, wesnoth-httt ma tha thu ag obair air an iomairt “Heir to the Throne.” Cleachd dath gus faclan ùra a chuireas tu ris a chomharrachadh. Feumaidh tu a h-uile aonad (Unit), arm (weapon), feart (trait) no comas (ability) ùr a chur ris an fhaidhle. Nuair a bhios tu deiseil le cruthachadh a’ bhriathrachais, cuir am faidhle gu GunChleoc.

Nuair a chruthaicheas tu faclan ùra (airm, feartan, aonadan amsaa.), thoirt sùil air a’ bhriathrachan ach nach bi an aon fhacal airson dà rud againn. Feuch an cleachd thu Am Faclair Beag. On a tha suidheachaadh meadhan-aoiseach aig a’ gheama, faodaidh tu faclan à Dwelly no à seann fhaclair sam bith eile a chleachdadh sna còmhraidhean cuideachd ma tha thu an dùil gun tuigear iad fhathast.

Ma tha duilgheadas agad facal iomchaidh a lorg, bruidhinn ri càch. Na atharraich facal a tha sa bhriathrachan mu thràth, feumaidh tu bruidhinn ri GunChleoc an toiseach ach am faigh sinn fuasgladh.

Stoidhle

San fharsaingeachd: tha dreach beagan seann-fhasanta air a' chainnt, ach dèanaibh cinnteach nach cuir sibh dreach cànain sgrìobhte air ach mas e pìos à leabhar-latha a th' ann.

Stoidhle Roimhearan Caolachadh air tuiseal tabhartach boireann Tuiseal ginideach an dèidh ainmearan gnìomhaireach an-còmhnaidh
Glè fhoirmeil do de chun
Foirmeil dha dhe chun
Neo-fhoirmeil dha dhe dhan/gun

Cleachdaidh an neach-aithris an stoidhle foirmeil is sibhseachadh dhan chluicheadair.

Cinneadh Rang stoidhle ri daoine le rang as àirde ri daoine leis an aon rang ri daoine le rang as ìsle ri caidreabhaich ri nàimhdean
Human morair Glè fhoirmeil sibh sibh thu a rèir rang thu, sibh ri morairean a rèir co-theacs
Human cumanta neo-fhoirmeil sibh thu thu a rèir rang thu, sibh ri morairean a rèir co-theacs
Elf foirmeil sibh sibh sibh a rèir rang a rèir cinneadh
Goblin neo-fhoirmeil thu thu thu thu thu
Orc neo-fhoirmeil thu thu thu thu thu


Iomradh dha dh'iomairtean / References to campaigns

Ma thachras tu air iomradh dha dh'iomairt ann an eadar-theangachadh, feumaidh sinn nòta a chur ris an liosta shuas. Na eadar-theangaich ainmean air iomairtean mura h-eil na h-iomairtean sin fèin air an eadar-theangachadh.

Mura h-eil thu nad eadar-theangaiche / If you're not a translator

Faodaidh thu fhathast cuideachadh a thoirt dhuinn mura h-eil ùidh no ùine agad gus iomairt eadar-theangachadh. Innis dhuinn ma tha beachd agad mu fhacal no ma lorgas tu mearachd.

An sgioba / Current Translation Team

Gu ruige seo, chan e ach GunChleoc a th’ ann. Ghabh ise na faclan cumanta os làimh. Mar sin, tha sinn a’ sireadh daoine a bhios deònach air iomairt eadar-theangachadh. Ma tha thu airson taic a toirt dhuinn, tagh iomairt a tha thu airson eadar-theangachadh is cuir fios thuice. An uair sin, cuiridh sinn air an liosta thu is mura h-eil cuideigin ag obair air an iomairt seo mu thràth bidh thu fhèin nad stiùiriche eadar-theangachaidh airson na h-iomairte seo.

Neach cumail / Maintainer

Stiùirichean is eadar-theangaichean / Managers and translators

Faic liosta nan àrainnean teacsa shuas.

Ceanglaichean Feumail / Useful links

Wesnoth

Taobh a-muigh / External